ceangal liosta • linkliste-3.de

ceangal liosta • Am poileasaidh prìobhaideachd

 

ceangal liosta

 
ceangal liosta • gd - Gàidhlig • linkliste-3.de     gd • Gàidhlig  Deutsch |  English |  Gàidhlig |  Svenska |  Nederlands |  עברית 

An tadhal mu dheireadh agad: DiSathairne 13. An t‑Sultain 2025, 22:35 ’S e DiSathairne 13. An t‑Sultain 2025, 22:35 an tìde an-dràsta


Linkliste - Am poileasaidh prìobhaideachd

Mìnichidh am poileasaidh seo gu mionaideach mar a chleachdas “Linkliste” is a dhlùth-chompanaich (“sinn”, “againn”, “thugainn”, “-maid”, “Linkliste”, “https://linkliste-3.de/gd” o seo a-mach) agus phpBB ( “iad”, “bathar-bog phpBB”, “www.phpbb.com”, “phpBB Group”, “phpBB Teams” o seo a-mach) fiosrachadh sam bith a thèid a chruinneachadh rè cleachdadh seisein sam bith leatsa (“am fiosrachadh agad” o seo a-mach).

Thèid am fiosrachadh agad a chruinneachadh ann an dà dhòigh. San dàrna dòigh, cruthaichidh am bathar-bog phpBB caochladh bhriosgaidean nuair a bhrabhsaicheas tu “Linkliste”, ’s e seo faidhlichean teacsa beaga a thèid a luchdadh a-nuas dha na faidhlichean sealach aig a’ bhrabhsair air a’ choimpiutair agad. Chan eil ach aithnichear (“ID cleachdaiche” o seo a-mach) is aithnichear seisein gun ainm (“ID seisein” o seo a-mach) sa chiad dà bhriosgaid agus sònraichidh am bathar-bog phpBB iad dhut gu fèin-obrachail. Cha dèid an treas briosgaid a chruthachadh ach nuair a bheir thu sùil air cuspair am broinn “Linkliste” agus thèid a cleachdadh gus stòradh dè na cuspairean a bhios tu air an leughadh gus piseach a thoirt air eòlas a’ chleachdaiche agad.

Dh’fhaoidte gun cruthaich sinn briosgaidean a bharrachd taobh a-muigh a’ bhathair-bhuig phpBB le brabhsadh “Linkliste”, ach cha bhean an sgrìobhainn seo dhaibhsan on nach mìnich sinn an-seo ach na thachras sna duilleagan a chruthaicheas am bathar-bog phpBB fhèin. Is na chuireas tu a-null thugainn an dòigh eile sa chruinnicheas sinn am fiosrachadh agad. Seo na dh’fhaodas dha a bhith agus an corr: postadh mar bhall gun ainm (“postaichean gun ainm” o seo a-mach), clàradh air “Linkliste” (“an cunntas agad” o seo a-mach) agus postaichean a chuireas tu a-null às dèidh do chlàradh fhad ’s a bhios tu air logadh a-steach ( “na postaichean agad” o seo a-mach).

Bidh ainm a ghabhas aithneachadh fa leth (“d’ fhar-ainm” o seo a-mach), facal-faire pearsanta airson logadh a-steach dhan chunntas agad (“am facal-faire agad” o seo a-mach) agus seòladh puist-d pearsanta dligheach (“am post-d agad” o seo a-mach) am broinn a’ chunntais agad air a char as lugha. Tha am fiosrachadh agad airson a’ chunntais agad air “Linkliste” fo dhìon laghan dìon-dàta a bhios an sàs san dùthaich agad fhèin agus san dùthaich far an bheil an t‑òstair againne. Tha gach fiosrachadh eile seach d’ fhar-ainm, am facal-faire agad is am post-d agad a dh’iarras “Linkliste” ort rè a’ chlàraidh riatanach no roghainneil le toil “Linkliste”. ’S urrainn dhut taghadh sna h-uile dòigh dè am fiosrachadh sa chunntas agad a thèid a shealltainn gu poblach. Faodaidh tu taghadh cuideachd na thèid a chur dhut dhe na teachdaireachdan puist-d a ghineadh am bathar-bog phpBB gu fèin-obrachail.

Thèid am facal-faire agad a chrioptachadh (hais aon-sligheach) ach am biodh e tèarainte. Mholamaid co-dhiù nach cleachd thu an t‑aon fhacal-faire a-rithist air iomadh làrach-lìn. ’S e an dòigh inntrigidh dhan chunntas agad air “Linkliste”a tha san fhacal-fhaire agad, mar sinn glèidh gu cùramach e is thoir an aire nach iarr dlùth-chompanaich aig “Linkliste” no phpBB no treas pàrtaidh sam bith eile fiosrachadh mun fhacal-fhaire agad gu dligheach uair sam bith. Nan dìochuimhnicheadh tu am facal-faire agad airson a’ chunntais agad, ’s urrainn dhut am feart “Dhìochuimhnich mi am facal-faire agam” a chleachdadh a sholaireas am bathar-bog phpBB. Iarraidh am feart seo gun cuir thu d’ fhar-ainm is am post-d agad a-null agus ginidh am bathar-bog phpBB facal-faire ùr dhut ach an urrainn dhut an t‑inntrigeadh dhan chunntas agad fhaighinn air ais.




 

Wahrsagen
Hilfe bei Liebeskummer


www.miomai.de



 

Kartenlegen

lenormando.de



 


Mannheim Wahrsagen Privat




Chemnitz |  Hamburg |  Halle |  Wuppertal |  Augsburg |  Oberhausen |  Leverkusen |  Trier |  Mainz
Erfurt |  Stuttgart |  Würzburg |  Ingolstadt |  Bochum |  Regensburg |  Göttingen |  Dortmund |  Frankfurt
Saarbrücken |  Düsseldorf |  Wiesbaden |  Nürnberg |  Herne |  Recklinghausen |  Köln |  Aachen |  Bremen



 

linkliste-3.de |  Mean-Fhiosrachadh  |  Fios  |  cànanan eile | 

Am poileasaidh prìobhaideachd  |  Cumhaichean a’ chleachdaidh

Powered by phpBB® Forum Software © phpBB Group
Eadar-theangachadh le Akerbeltz is GunChleoc